Creative industries

Ceannard Ùr dha ionad ealain is dualchais ann an Uibhist a Tuath

Thathas air ceannard ùr fhastadh airson prògram ealain is dualchais a leasachadh ann an Uibhist a Tuath.

Tha Sìne Mhoireasdain Rois air a thighinn dhan sgioba aig Taigh Chearsabhagh an dèidh gluasad bho Eilean Chumaraidh gu Loch nam Madadh còmhla ris an duine aice, Daibhidh, agus an triùir bhalach òg aca.

Bha Sìne roimhe ag obair aig Capgemini ann an gnìomh stiùiriche cruth-atharrachaidh dha luchd-dèiligidh agus o chionn ghoirid mar Stiùiriche Leasachaidh Gnothachais na h-Alba.

Tha dreuchd a’ Cheannaird, a mhaireas trì bliadhna, air a cho-mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) agus Comhairle nan Eilean Siar.

Air a thogail ann an 1741 agus roimhe seo ga chleachdadh mar bhùth-obrach aig Oighreachd Uibhist a Tuath, bha an togalach aig Taigh Chearsabhagh air a ghabhail air mhàl aig urras carthannais ann an 1993 – Urras Taigh Chearsabhaigh, a stèidhich Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath agus Comann Ealain Uibhist.

Dh’fhosgail an togalach dhan phoball ann an 1995 an dèidh obair ath-leasachaidh is leudachaidh, le barrachd cudroim air com-pàirteachadh bhon choimhearsnachd.

An-dràsta tha Taigh Chearsabhagh a’ toirt cosnadh dha 14 neach agus e air fhaicinn mar cridhe coimhearsnachd na Gàidhlig ann an UIbhist a Tuath. Tha taigh-tasgaidh is dà ghailearaidh ann a thuilleadh air àite stiùidio, bùth-obrach clò-bhualaidh agus goireasan rùim dorcha airson obair chamara. Ann an seo cuideachd tha oifis a’ phuist, cafaidh air a bheil meas mòr, agus bùth.

Thairis air na fichead bliadhna mu dheireadh, tha Taigh Chearsabhagh air seirbheis chunbhalach a thoirt seachad mar ionad airson gnìomhan ealain is dualchais na Gàidhlig. ‘S e an stèidh airson teisteanasan Colaiste a’ Chaisteil (UHI) ann an NC Ealain is Dealbhachadh agus airson BA (Hons) anns na h-Ealain Fhinealta.

Thuirt Sìne: “’S e àm brosnachail a tha seo airson a thighinn dhan sgioba agus tha mi air leth toilichte an dreuchd seo a ghabhail os làimh. Tha Taigh Chearsabhagh a’ tabhann seirbheis dheatamach dha coimhearsnachd Loch nam Madaidh agus dha sgìre Uibhist a Tuath air fad. Tha mi cuideachd a’ creidsinn gu bheil cultar na Gàidhlig a’ toirt dhuinn goireas beairteach às an tarraing sinn is gar dèanamh sònraichte agus a’ toirt chothroman ùra Albannach is eadar-nàiseanta dhuinn. Tha mi a’ coimhead air adhart ri ar planaichean adhartach a leasachadh agus ri bhith ag obair còmhla ris an sgioba an seo gus an t-ionad a leasachadh airson math na coimhearsnachd ionadail a thuilleadh air math luchd-turais a tha a’ tighinn bho air feadh an t-saoghail.”

Bha Taigh Chearsabhagh cuideachd soirbheachail ann a bhith a’ faighinn maoineachadh tasgaidh airson ùr-ghnàthachadh cànain bho HIE a tha air cothrom a thoirt dhaibh a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le Oilthigh Chill Rìmhinn gus nuadh bhathar didseatach ùr-ghnàthach a chur air adhart - Taigh Tasgaidh gun Bhallachan. Tha e a’ cleachdadh teicneòlas adhartach gus mìneachadh didseatach a thoirt air cultar is dualchas ionadail. Ri linn cho soirbheachail ‘s a tha e air a bhith tha tuilleadh rannsachaidh is ghnìomhan leasachail a’ dol air adhart  gus mothachadh is cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh sna teicneòlasan didseatach.  

Thuirt Raonaid NicChoinnich, Manaidsear Sgìre HIE dha Innse Gall: “Tha suidheachadh sònraichte aig Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist.  Tha an t-ionad air a bhith ga leasachadh gu soirbheachail tro raon eadar-mheasgte de chom-pàirteachaidhean luchd-earrainne, nam measg Colaiste a’ Chaisteil UHI agus An Lanntair. Tha e air iomadach moladh fhaighinn mar phrìomh ionad ealain is coimhearsnachd anns na h-Uibhistean. Le 30,000 neach-tadhail sa chumantas gach bliadhna, ‘s e aon de na h-ionadan turasachd as taitniche ann an Innse Gall. Tha sinn air leth toilichte gu bheil Taigh Chearsabhagh air Sìne a thàladh gu dreuchd a’ Cheannaird agus tha sinn a’ creidsinn gum bi a h-eòlas na bhuannachd mhòr don chompanaidh agus dha Innse Gall air fad.”

 

New Chief Executive for arts and heritage centre in North Uist

A new Chief Executive has been recruited to lead on the development of an arts and heritage programme in North Uist.

Jane Morrison-Ross joins the team at Taigh Chearsabhagh after moving from the Isle of Cumbrae to Lochmaddy with her husband David and three young boys.

Jane previously worked at Capgemini as acting transformation director for clients and most recently as business development director for Scotland.

The three year Chief Executive post is jointly funded by Highlands and Islands Enterprise (HIE) and Comhairle nan Eilean Siar.

Built in 1741 and previously used as a workshop for North Uist Estate, the Taigh Chearsabhagh building was leased to a charitable trust in 1993 – The Taigh Chearsabhagh Trust, formed by Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath and the Uist Arts Association.

The building opened to the public in 1995 following a restoration and extension work, with more emphasis on community involvement.

Taigh Chearsabhagh currently employs 14 people and is perceived to be the heart of the Gaelic community in North Uist. There is a museum and two galleries as well as studio space, print workshop and darkroom facilities. It also hosts the local post office and a popular café and shop.

Over the last twenty years, Taigh Chearsabhagh has consistently served as a hub for Gaelic artistic and heritage activities. It is the base for Lews Castle College (UHI) NC Art and design and BA (Hons) Fine Art qualifications.

Jane, said: “This is an exciting time to join the team and I am delighted to take on this role. Taigh Chearsabhagh provides a lifeline service to the community of Lochmaddy and the wider North Uist area. I also believe that Gaelic culture gives us a rich resource to draw on which differentiates us and will open up new Scottish and international opportunities. I look forward to developing our ambitious plans and working with the team here to develop the centre for the benefit of the local community as well as visitors who come from all over the world.”

Taigh Chearsabhagh was also successful in receiving language innovation investment funding from HIE which has enabled them to work in partnership with St Andrews University to progress a new innovative digital product - Taigh Tasgaidh gun Bhallachan. It uses cutting edge technology to provide a digital interpretive experience of the local culture and heritage. Its success has resulted in further research and development activities to promote awareness and use of Gaelic in emergent digital technologies.

Rachel Mackenzie, HIE area manager for Innse Gall said: “Taigh Chearsabhagh holds a unique position in Uist. The centre has been successfully developing through a diverse range of stakeholder partnerships, including Lews Castle UHI and An Lanntair. It has gained numerous accolades as a major artistic and community hub in the Uists. With an average of 30,000 visitors each year, it is one of the most popular visitor centres in the Outer Hebrides. We are delighted that Taigh Chearsabhagh has attracted Jane to the role of Chief Executive and believe her experience will be a great asset to the company and the wider Outer Hebrides.”

Similar CREATIVE INDUSTRIES Articles

Creative industries 07.06.2017

Independent label receives funding for digital release of first artist

Belladrum Festival record label’s first signed artist will go on digital relea...

Read Article about Independent label receives funding for digital release of first artist
Creative industries 14.12.2017

£16m Highland innovation boost

A new £16 million initiative is to be launched in the Highlands to boost innov...

Read Article about £16m Highland innovation boost
Creative industries 19.01.2018

French students set to join GSA’s Winter School for first time in 2018

Students from Audencia Business School in Nantes are at Glasgow School of Art’...

Read Article about French students set to join GSA’s Winter School for first time in 2018

Back to News

View News

More Related News

View Articles