General HIE news

Eileanaich a’ ceangal ri Bann-leathann fior-luath

Tha dà choimhearsnachd sna h-Eileanan an Iar a-nis air ceangal as fheàrr fhaighinn – leis gu bheil lìonraidhean bann-leathainn làn-fiber ùr a’ dol beò.

A-nis tha e comasach dhan a h-uile 113 dachaigh air Griomasaigh, Uibhist a Tuath, bann-leathainn earbsach, ultrafast1, agus cuideachd gu tuath air Beàrnaraigh Mòr, ann an Leòdhas – is urrainn dha 220 dachaigh ceangal.

Tha cothrom aig an dà choimhearsnachd 100 sa cheud air lìonraidhean làn-fiber anns an t-àm ri teachd. Chaidh a thogail le luchd-innleadairean bho Openreach tron phròiseict Bann-leathainn Digital Scotland Superfast, air a stiùireadh anns an sgìre le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE).

Tha e comasach dha seirbheisean a ghiùlan aig 1Gbps – timcheall air 18.5 uair nas luaithe na cuibheasachd san RA an dràsta de 54 Mbps2.

Gu ruige seo, tha na coimhearsnachdan air a bhith ceangailte ris an t-saoghal a-muigh le ceangal gun uèir thairis air lìonra rèidio neo-eisimeilich, le astar luchdachadh-a-nuas mu 2Mbps.

Tha Joe Fitspatrick, Ministear Slàinte na h-Alba airson a’ Phobaill, Spòrs is Sunnd, a tadhal air Griomasaigh an diugh gus faicinn a’ bhuaidh a tha an teicneolas àrd-astar a’ toirt air beatha dhaoine ionadail, far a bheil 65 sa cheud de dhachaighean air clàradh airson na seirbheis.

Thuirt e: “Tha tòrr dhaoine a tha a’ fuireach an seo an sàs ann an gnìomhachasan traidiseanta, agus tha an t-eilean ainmeil airson biadh na mara. Ann an saoghal far a bheil teicneòlas na phrìomh dhraibhear, bidh deagh cheangal a’ toirt cothroman ùra airson daoine a tha ag iarraidh a thighinn air ais a dh’fhuireach anns na h-Eileanan.

Thuirt Donnie Moireasdain, àrd-mhanaidsear leasachaidh didseatach HIE, a tha a’ fuireach ann an Leòdhas: “Tha e math a’ faicinn coimhearsnachdan beaga dùthchail mar Griomasaigh agus Beàrnaraigh Mòr a’ faighinn buannachd bhon bhann-leathainn as fheàrr a-steach do na dachaighean agus na gnìomhachasan aca.

Tha Robin Spratt a’ fuireach ann an Griomasaigh. Bidh e fhèin agus a bhean Michelle a’ ruith an gnìomhachas Hebridean Candles agus a’ reic na coinnealan ann am bùthan air feadh an t-eilean. Tha iad cuideachd a’ reic bhon bhùth-obrach aca air cùl an dachaigh. Tha an ceangal bann-leathainn luath ùr aca air piseach a thoirt air obair agus beatha dachaigh.

Thuirt Robin: Mus d’thàinig làn-fiber, bha siostam bann-leathainn saideal againn le glè bheag de dhata. A-nis, nuair a bhios daoine a’ tadhal air a’ bhuth-obrach agus ag iarraidh ceannach, is urrainn dhuinn pàigheadh-dealain a chleachdadh. Tha e math airson gnìomhachas ach tha buaidh mhòr aige cuideachd air beatha phearsanta oir a-nis is urrainn dhuinn seirbheisean air-loidhne fhaighinn mar Tbh.”

Similar GENERAL HIE NEWS Articles

General HIE news 30.09.2019

HIE's new area manager for Argyll and Islands

Morag Goodfellow has been appointed area manager for Highlands and Islands Ent...

Read Article about HIE's new area manager for Argyll and Islands
General HIE news 02.10.2019

Public event for Dingwall Norwegian style learning centre

School pupils and residents in Ross and Cromarty are being encouraged to atten...

Read Article about Public event for Dingwall Norwegian style learning centre
General HIE news 14.10.2019

Cairngorm set to get new piste grooming vehicle

A new piste grooming vehicle is set to be purchased for the Cairngorm Mountain...

Read Article about Cairngorm set to get new piste grooming vehicle

Back to News

View News

More Related News

View Articles