Creative industries

Stiùidio ùr do neach-film ann an Uibhist a Deas

Tha companaidh riochdachaidh stèidhichte air croit ann an Uibhist a Deas a’ toirt leudachadh air na goireasan is obair aca.

[An English version is below]

Tha TrixPixMedia air a stiùireadh leis an neach-film is neach-ealain Beatrix Wood agus bidh iad a’ dèanamh phrògraman aithriseach agus obair-ealain lèirsinne agus susbaint air-loidhne airson luchd-amhairc ionadail agus eadar-nàiseanta.

Tha TrixPix ag obair an-dràsta le sgioba de 15 luchd-obrach a tha ag obair air an ceann fhèin, agus tha e san amharc dhaibh leis an stiùidio ioma-mheadhain  ùr aca ann an Dreumasdal barrachd obrach a chruthachadh do dhaoine.

Fhuair an gnothachas taic-airgid luach £33,950 bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) airson stiùidio ioma-mheadhain le seòmar-deasachaidh agus stiùidio airson peantadh, filmeadh, sgrìobhadh agus obair-tasglainne. Fhuaras taic cuideachd bho Mhaoin Coimhearsnachd Sealladh na Beinne Mòire, Leader Innse Gall agus an t-seirbheis chomhairleachaidh, Business Gateway.

Tha am maoineachadh bho HIE cuideachd a’ toirt taic do dh’iomairt margaidheachd is ìomhaigheachd eadar-nàiseanta gus obair TrixPix a shanasachd agus gus luchd-ceannaich ùra a thàladh.

Leis an stiùidio ùr a chaidh a thogail tha àite-obrach goireasach aig Beatrix far an urrainn dhi leudachadh air an obair aice.  An-dràsta tha TrixPix a’ toirt cosnadh do dhaoine à Uibhist, an Rìoghachd Aonaichte agus Fionnlainn agus tha iad airson cluinntinn bho dhaoine aig a bheil sgilean iomchaidh, no a tha deònach sgilean ionnsachadh, a tha airson a bhith san sgioba aca.

’S ann à Manchester a tha Beatrix bho thùs, agus b’ àbhaist dhi a bhith a’ ruith companaidh riochdachaidh ann an Lunnainn agus sa Chòrn airson 20 bliadhna, agus i a’ dèanamh phrògraman aithriseach a ghlèidh duaisean agus pròiseactan cultarach air feadh na h-Eòrpa.

A thuilleadh air an obair chruthachail aice, tha Beatrix na croitear agus bidh i fhèin is a teaghlach a’ briodadh crodh. Tha iad air a bhith a’ fuireach san eilean airson ochd bliadhna. Bidh a beatha air a’ chroit a’ toirt brosnachadh dhi na h-obair agus tha e na phàirt deatamach den obair chruthachail a nì i. Bidh an spàirn is an t-saothair a’ fosgladh a h-inntinne agus a’ dùsgadh bheachdan ùra as urrainn dhi a thoirt gu buil. 

Thuirt Beatrix: “ ’S e sinne a nì feum de ghoireasan ùra an stiùidio agus cho luath ’s a dh’fhosglas sinn na dorsan bidh sinn a’ dèanamh mion-dheasachadh air sreath de 3 prògraman aithriseach, agus gach prògram uair a thìde a dh’fhaid, do BhBC Alba mu dheidhinn Uibhist a Deas, an uair sin bithear a’ deasachadh ‘The Power of Yoik’, prògram aithriseach com-pàirteach a rinn sinn còmhla ri daoine bho shia dùthchannan Eòrpach eile, agus an uair sin bidh triùir luchd-ealain a’ tadhal oirnn ris an do choinnich mi an-uiridh air a’ ghreis-chòmhnaidheach Luminate/A-N. A bharrachd air seo, tha TrixPix a’ toirt taic do ghreisean gnìomhachais do dhaoine òga, gu h-ionadail agus gu h-eadar-nàiseanta.”

Thuirt Iain MacDhòmhnaill, manaidsear-chunntasan ann an sgioba HIE sna h-Eileanan an Iar: “Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri ar luchd-compàirt aig a’ Bhusiness Gateway agus Leader gus am pròiseact ùr-nòsach seo a thoirt gu buil ann an sgìre dhùthchail. Tha Beatrix a’ cur nan Eilean Siar an teis-meadhan lìonra de ghnothachasan eadar-nàiseanta, luchd-barantachaidh agus sianalan telebhisein. Tha sinn toilichte taic a thoirt don iomairt seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cumail oirnn ag obair còmhla ri Beatrix fhad ’s a tha i a’ cur nam planaichean aice an gnìomh gus fàs a thoirt air an obair aice.”

Deireadh

 

New studio for South Uist filmmaker

A production company based on a croft in South Uist is expanding.

TrixPixMedia is led by filmmaker and artist Beatrix Wood and makes documentaries, visual art and online content for local and international audiences. 

Currently working with a team of 15 freelancers, TrixPix is looking to generate more employment from its new multimedia studio in Drimsdale.

The business secured a £33,950 funding package from Highlands and Islands Enterprise (HIE) for a multimedia studio with an edit suite and a studio for painting, filming, writing and archiving. Support has also been provided by the Sealladh na Beinne Mòire Community Fund, Leader Innse Gall and Business Gateway.

HIE’s award also supports an international marketing and branding campaign to promote TrixPix’s productions and secure new customers and sales.

Now complete, the new studio provides Beatrix with a suitable workplace to expand the business. TrixPix currently employs local creative people from Uist, other parts of the UK and Finland and is open to hear from people who have suitable skills, or are keen to learn or join the team.

Originally from Manchester, Beatrix previously ran a production company in London and Cornwall for 20 years making award winning international documentaries and cultural projects across Europe.

Alongside her creative work, Beatrix is a crofter and breeds native cattle with her family and have lived on the island for eight years. Life on the croft inspires her work and is an essential part of her creative process. The physical work opens her mind and gives her new ideas to take forward. 

Beatrix, said: “We are hitting the ground running as we move into the studio and straight into the fine cut of a 3 x 1 hour documentary series for BBC Alba about South Uist, then the edit of ‘The Power of Yoik’, a documentary co-production with six other European countries, followed by a visit from three artists I met on the Luminate/A-N residency last year.  Alongside this, we are supporting work experience for young people, locally and internationally.”

John Macdonald, account manager at HIE’s Outer Hebrides team, said: “We have worked closely with partners such as Business Gateway and Leader to develop this innovative project set in a rural location. Beatrix puts the Outer Hebrides on the map by linking with international businesses, commissioners and television networks. We are pleased to be supporting this venture and look forward to continuing to work with the Beatrix as she implements the business’s growth plans.”

Similar CREATIVE INDUSTRIES Articles

Creative industries 06.07.2018

JAPAN BOOST FOR ISLE OF HARRIS PRODUCE

Two iconic Harris brands showcased their wares in Japan this week as part of t...

Read Article about JAPAN BOOST FOR ISLE OF HARRIS PRODUCE
Creative industries 06.12.2018

Creative hub offers artists a new home in the Highlands (1)

The first major arts hub in the Highlands is now open – providing urgently nee...

Read Article about Creative hub offers artists a new home in the Highlands (1)
Creative industries 07.12.2018

Creative hub offers artists a new home in the Highlands

The first major arts hub in the Highlands is now open – providing urgently nee...

Read Article about Creative hub offers artists a new home in the Highlands

Back to News

View News

More Related News

View Articles